A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile
A' Cheàrdach

@acheardach

Eachdraidh a' chlas-obrach ann an #Gàidhlig ~ Stair an lucht oibre i nGaeilge na hAlban ~ Working class history in Scottish Gaelic ~ Air a ruith le @TMacailpein

ID: 1123574167985643520

linkhttps://ceardach.blog/ calendar_today01-05-2019 13:05:31

383 Tweet

152 Takipçi

6 Takip Edilen

A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

#AirAnLathaSeo 15 Cèitean 1883 – fhuair 'Martairean Ghleann Dail' a-mach à Prìosan a' Chalton, ann an Dùn Èideann. Bha Iain Mac a' Phearsain, Iain Moireasdan agus Dòmhnall MacLeòid nan ceannardan air na croitearan ann an Gleann Dail a ghabh thairis air ionaltradh Bhatairsteinn.

#AirAnLathaSeo 17 Cèitean 1881 – Stèidhicheadh an Skye Vigilance Committee aig coinneamh ann an Taigh-òsta Fleming, Sràid na Drochaid, Glaschu. Chuireadh an comataidh air bhonn gus taic a chur ri croitearan Bhaltois san Eilean Sgitheanach nan strì an aghaidh a' Chaiptein Fhriseil

A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Ùr air a' bhloga. Ainmeil airson a chruinneachadh de sheanfhaclan, sgaoil an Siorram Alasdair MacNeacail bileag ann an #Gàidhlig an aghaidh aimhreit nan croitearan Sgitheanach an 1882. Tha sin againn, agus tha fiù 's freagairt ann bho na croitearan. #fada ceardach.blog/2024/05/25/an-…

Ùr air a' bhloga. Ainmeil airson a chruinneachadh de sheanfhaclan, sgaoil an Siorram Alasdair MacNeacail bileag ann an #Gàidhlig an aghaidh aimhreit nan croitearan Sgitheanach an 1882. Tha sin againn, agus tha fiù 's freagairt ann bho na croitearan. #fada

ceardach.blog/2024/05/25/an-…
Working Class History (@wrkclasshistory) 's Twitter Profile Photo

#OtD 27 May 1871 the penultimate day of the Paris Commune Bloody Week, around 150 Communards in the Pere Lachaise cemetery were overrun, then lined up and shot against the cemetery wall (known today as the Communards' Wall). More in this great book: shop.workingclasshistory.com/collections/bo…

#OtD 27 May 1871 the penultimate day of the Paris Commune Bloody Week, around 150 Communards in the Pere Lachaise cemetery were overrun, then lined up and shot against the cemetery wall (known today as the Communards' Wall). More in this great book: shop.workingclasshistory.com/collections/bo…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Brath-bloga na seachdaine: litir le croitear, foillsichte 1883, a’ deasbad ’s a’ soilleireachadh nan amasan a bu chòir a bhith aig croitearan gus ‘galar na Gaidhealtachd a leigheas’ agus gus nach biodh iad nan ‘tràillean bochd mar tha sinn an diugh’. 🧑‍🌾🌄 ceardach.blog/2024/05/31/lit…

Brath-bloga na seachdaine: litir le croitear, foillsichte 1883, a’ deasbad ’s a’ soilleireachadh nan amasan a bu chòir a bhith aig croitearan gus ‘galar na Gaidhealtachd a leigheas’ agus gus nach biodh iad nan ‘tràillean bochd mar tha sinn an diugh’. 🧑‍🌾🌄

ceardach.blog/2024/05/31/lit…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Seud de dh'òran Earra-Ghàidhealach agam dhuibh. Chaidh 'Cumha do Mhuinntir a' Bharra Bhric' a dhèanamh le Catrìona NicLachlainn ann an 1840 ri linn fuadach a' Bharra Bhric, taobh Loch Obha. Sàr thùs le boireannach an aghaidh anaceartas. ceardach.blog/2024/06/04/ora…

Seud de dh'òran Earra-Ghàidhealach agam dhuibh. Chaidh 'Cumha do Mhuinntir a' Bharra Bhric' a dhèanamh le Catrìona NicLachlainn ann an 1840 ri linn fuadach a' Bharra Bhric, taobh Loch Obha. Sàr thùs le boireannach an aghaidh anaceartas. 

ceardach.blog/2024/06/04/ora…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

ÙR air a' bhloga. 'San Èiphit' (1888). Robh sgrìobhadairean #Gàidhlig an-còmhnaidh a' cur taic ri ìmpireachd Bhreatainn is a' cur sìos air na daoine a bha an t-arm a' ceannsachadh? Cha robh. Seo pìos naidheachd a tha gu follaiseach air taobh nan Arabach. ceardach.blog/2024/06/26/san…

ÙR air a' bhloga. 'San Èiphit' (1888).

Robh sgrìobhadairean #Gàidhlig an-còmhnaidh a' cur taic ri ìmpireachd Bhreatainn is a' cur sìos air na daoine a bha an t-arm a' ceannsachadh? Cha robh. Seo pìos naidheachd a tha gu follaiseach air taobh nan Arabach.

ceardach.blog/2024/06/26/san…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

ÙR. 'Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain' (1891, 1903). Sna h-eisimpleirean seo, chan e a' Phalastain am prìomh chuspair ach tha i mar cheann-uidhe a bha, no a dh'fhaodadh a bhith, aig Iùdhaich. Eachdraidh thoinnte, bhrònach. ceardach.blog/2024/06/19/na-…

ÙR.  'Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain' (1891, 1903).  

Sna h-eisimpleirean seo, chan e a' Phalastain am prìomh chuspair ach tha i mar cheann-uidhe a bha, no a dh'fhaodadh a bhith, aig Iùdhaich. Eachdraidh thoinnte, bhrònach.

ceardach.blog/2024/06/19/na-…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

ÙR: Tolstoy ann an Gàidhlig. Tha mi a' toirt sùil air dà thùs a tha a-mach air poileataigs frith-chogaidh an sgrìobhadair mhòir Ruiseanaich, Leo Tolstoy (1828–1910). Gheibhear iomradh air Cogadh Afraga, an Ruis, Iapan, creideamh, agus Rèabhlaid 1905. ceardach.blog/2024/08/14/tol…

A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Airson an deicheamh ceann-bliadhna de #Indyref2014 a chomharrachadh, robh fios agad gun do chuir Comann an Fhearainn (Highland Land League) làn-taic ri Fèin-riaghladh na h-Alba? Seo cunntas #Gàidhlig bho 1887 air a' chuspair. ceardach.blog/2024/09/18/fei…

A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Ìmpireachd agus frith-ìmpireileas bho sheann eachdraidh chun an latha an-diugh. Meòrachadh air tionndadh Gàidhlig de dh'Òraid Chalgacuis (AD 98) a rinn Pàdraig MacPhàrlain ann an 1813. ceardach.blog/2024/10/28/ora…

Ìmpireachd agus frith-ìmpireileas bho sheann eachdraidh chun an latha an-diugh. Meòrachadh air tionndadh Gàidhlig de dh'Òraid Chalgacuis (AD 98) a rinn Pàdraig MacPhàrlain ann an 1813.

ceardach.blog/2024/10/28/ora…
A' Cheàrdach (@acheardach) 's Twitter Profile Photo

Ùr air a' bhloga. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Seo còmhradh goirid a dh’fhoillsicheadh ann an 1815 a tha a’ dèanamh luaidh air poblachdas san Fhraing. 🇫🇷 ceardach.blog/2024/11/05/co-…

Ùr air a' bhloga. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Seo còmhradh goirid a dh’fhoillsicheadh ann an 1815 a tha a’ dèanamh luaidh air poblachdas san Fhraing. 🇫🇷

ceardach.blog/2024/11/05/co-…