Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile
Misneachd

@misneachdalba

'S e buidheann-choiteachaidh a th' ann am #Misneachd ag iomairt airson na #Gàidhlig. Ath-tweet ≠ aontachadh.

Fios + tabhartasan: linktr.ee/misneachd

ID: 716230010084986881

linkhttp://www.misneachd.scot calendar_today02-04-2016 11:45:16

6,6K Tweet

2,2K Followers

2,2K Following

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £450,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson pròiseact gus sean Sgoil Bhorradail ann an Gleann Dail ùrachadh agus dachaighean aig prìs reusanta a thogail ann. bbc.in/4jgO5t8

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur an cuimhne dhaoine mar a nì iad cinnteach gu bheil bhòt aca airson nam fo-thaghaidhean a bhios ann air an ath-mhìos. bbc.in/3FkCV94

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil i airson is gum bi an "aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". bbc.in/3HCkyNq

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

A' bruidhinn aig làrach Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air taobh sear Ghlaschu an-diugh, thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil i 'son an aon chothrom air FtMG a sgaoileadh dhan a h-uile sgoilear ann an Alba. bbc.in/3FkpmGM

Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

Molaidhean inntinneach air a' Bhile Chànain Ìre 3. Thèid e gu bhòt sa Phàrlamaid air an 17mh. Gu sònraichte toilichte an t-atharrachadh aig Pam Duncan-Glancy MSP fhaicinn. Feumar Oifigear Leasachaidh is Plana Coimhearsnachd an cois gach Sgìre Cànain. #Gàidhlig parliament.scot/bills-and-laws…

Molaidhean inntinneach air a' Bhile Chànain Ìre 3. Thèid e gu bhòt sa Phàrlamaid air an 17mh. 

Gu sònraichte toilichte an t-atharrachadh aig <a href="/GlasgowPam/">Pam Duncan-Glancy MSP</a>
fhaicinn. Feumar Oifigear Leasachaidh is Plana Coimhearsnachd an cois gach Sgìre Cànain. #Gàidhlig
parliament.scot/bills-and-laws…
Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

Air leth toilichte leis an atharrachadh seo bho Ross Greer! Còmhla ris an atharrachadh aig Pam Duncan-Glancy MSP dhèanadh e diofar mòr don Bhile. An dòchas gun tèid gabhail riutha air an 17mh! #Gàidhlig #Gaelic

Air leth toilichte leis an atharrachadh seo bho <a href="/Ross_Greer/">Ross Greer</a>! Còmhla ris an atharrachadh aig <a href="/GlasgowPam/">Pam Duncan-Glancy MSP</a> dhèanadh e diofar mòr don Bhile.

An dòchas gun tèid gabhail riutha air an 17mh! #Gàidhlig #Gaelic
BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Bhòtaidh buill Pàrlamaid na h-Alba air Bile nan Cànanan Albannach feasgar is e air an ìre mu dheireadh aig Holyrood a ruighinn. bbc.in/4601BhU

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Air thoiseach air deasbad is bhòt Bhile nan Cànanan feasgar, tha a' bhuidheann iomairt Misneachd ag ràdh gum bu chòir sgìrean cànain sònraichte a bhith "mar thèarmann" dhan Ghàidhlig. Bidh BBC Naidheachdan a' leantainn ghnothaichean air-loidhne bho 1:45f. bbc.in/4n6kS7v

Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

Toilichte gun deach am bile troimhe, ach abair briseadh-dùil nach deach gabhail ri Atharrachadh 23 no 65. Gun bhun-stèidh do Phlanaichean Cànain Coimhearsnachd tha am bile is na sgìrean a thig a-mach às fada nas laige. Bithear an crochadh air saor-thoilich claoidhte. #Gàidhlig

Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

'S e cùis-nàire tha seo bho Bòrd na Gàidhlig - an aghaidh Oifigearan Leasachaidh an cois Sgìrean Cànain Sònraichte air sgàth 's nach bi smachd aca fhèin orra? Abair adhbhar. A-rithist feumaidh na sgìrean #Gàidhlig as làidire gluasad aig astar a fhreagras air na sgìrean as laige 👍

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha an t-Oll Conchúr Ó Giollagáin ag ràdh gu bheil Bile nan Cànanan "gun fheum" is gu bheil e deatamach daoine a thoirt cruinn gus slighe ùr a dhealbh aig ìre na coimhearsnachd. bbc.in/3Imacl7

BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Tha beachdan gan sireadh air dreach-phlana leasachaidh airson na Gàidhlig ann an tè de na sgìrean far a bheil i fhathast na cànan coimhearsnachd. bbc.in/3GeHDpl

Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

Fìor dheagh adhartas a tha seo. Bu chòir gum bi plana #Gàidhlig coimhearsnachd den leithid aig gach Sgìre Cànain Sònraichte is Oifigearan Leasachaidh, le buidseat, airson an cur an gnìomh.

Conchúr Ó Giollagáin (@conchurog) 's Twitter Profile Photo

On the 5th anniversary of the publication of the #GaelicCrisis study, we enquire what concrete steps have been taken to address the ongoing social decline of #Scotland's native speaking #Gaelic communities? #ScottishLanguagesBill does not address this. bit.ly/4bOzkdT

On the 5th anniversary of the publication of the #GaelicCrisis study, we enquire what concrete steps have been taken to address the ongoing social decline of #Scotland's native speaking #Gaelic communities? #ScottishLanguagesBill does not address this. bit.ly/4bOzkdT
BBC Naidheachdan (@bbcnaidheachdan) 's Twitter Profile Photo

Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacSuain, ag ràdh nach biodh e ciallach dìreach aon sgìre cànain sònraichte a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar. bbc.in/4nV5XNK

Misneachd (@misneachdalba) 's Twitter Profile Photo

Bha sinn riamh an dùil is an dòchas gur "sgìrean" seach "sgìre" a thigeadh a-mach aig a' cheann thall, ach math dearbhadh fhaighinn bho Domhnall Macsween. Tha dà sgìre fa leth ag obair air Plana #Gàidhlig ionadail mar-thà sna h-Eileanan. Feumar togail air an obair a tha sin.