
Misneachd
@misneachdalba
'S e buidheann-choiteachaidh a th' ann am #Misneachd ag iomairt airson na #Gàidhlig. Ath-tweet ≠ aontachadh.
Fios + tabhartasan: linktr.ee/misneachd
ID: 716230010084986881
http://www.misneachd.scot 02-04-2016 11:45:16
6,6K Tweet
2,2K Followers
2,2K Following








Molaidhean inntinneach air a' Bhile Chànain Ìre 3. Thèid e gu bhòt sa Phàrlamaid air an 17mh. Gu sònraichte toilichte an t-atharrachadh aig Pam Duncan-Glancy MSP fhaicinn. Feumar Oifigear Leasachaidh is Plana Coimhearsnachd an cois gach Sgìre Cànain. #Gàidhlig parliament.scot/bills-and-laws…


Air leth toilichte leis an atharrachadh seo bho Ross Greer! Còmhla ris an atharrachadh aig Pam Duncan-Glancy MSP dhèanadh e diofar mòr don Bhile. An dòchas gun tèid gabhail riutha air an 17mh! #Gàidhlig #Gaelic






'S e cùis-nàire tha seo bho Bòrd na Gàidhlig - an aghaidh Oifigearan Leasachaidh an cois Sgìrean Cànain Sònraichte air sgàth 's nach bi smachd aca fhèin orra? Abair adhbhar. A-rithist feumaidh na sgìrean #Gàidhlig as làidire gluasad aig astar a fhreagras air na sgìrean as laige 👍






Bha sinn riamh an dùil is an dòchas gur "sgìrean" seach "sgìre" a thigeadh a-mach aig a' cheann thall, ach math dearbhadh fhaighinn bho Domhnall Macsween. Tha dà sgìre fa leth ag obair air Plana #Gàidhlig ionadail mar-thà sna h-Eileanan. Feumar togail air an obair a tha sin.