BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profileg
BBC Aimsir

@BBCAimsir

Fiosrachadh mun aimsir, bhon sgioba aig BBC Alba.

Sarah Cruickshank, Derek Mac an Tòisich, Anne NicAilpein & Joy Dunlop.

ID:619108262

linkhttp://bbc.co.uk/weather calendar_today26-06-2012 14:11:40

9,3K Tweets

3,7K Followers

35 Following

BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

'S ann gu math nas blàithe a chì sinn i fàs mar a thèid an t-seachdain air adhart, ach chan eil sin a' ciallachadh gum bi i grianach. Tha tuilleadh aig Derek.

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Agus dìreach mar siud, tha deireadh-seachdain eile air tighinn gu crìoch. Ach saoil dè thig ar rathad a thaobh na h-aimsire an ath-sheachdain? An tuirt cuideigin blàths?

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Ged a thòisich an latha tioram tro mhòran sgìrean le greisean math grèine, tha sgòth air a bhith togail agus meallan air nochdadh ann an àiteachan cuideachd.

Seo mar a bha an dealbh saideil is rèideir a' coimhead gu ruige seo an-diugh.

Derek

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Madainn bhrèagha, chiùin, ghrianach do mhòran againn mar a chì sibh bho na dealbhan seo a thog na BBC Weather Watchers againn.

Derek 🌤️😍

Madainn bhrèagha, chiùin, ghrianach do mhòran againn mar a chì sibh bho na dealbhan seo a thog na @BBCWthrWatchers againn. Derek 🌤️😍
account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

'S ann fuar a bha i a' faireachdainn an-diugh ged a-nochd a ghrian ach a bheil dad nas blàithe aig Sarah?

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Rinn sinn a' chùis air meadhan na seachdain a ruighinn agus mòran againn air greisean math grèine fhaicinn chun na h-ìre seo. Ach am bi tuilleadh grèine san amharc tron dàrna leth dhen t-seachdain?

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Rinn an teothachd an gnothach air 15C a ruighinn ann an Glaschu an-diugh, ach cha robh i cho tlàth sin a' faireachdainn sa h-uile àite.

Le dhà shùil air mar a bhios cùisean tron a' chòrr dhen t-seachdain, seo Derek.

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Am faca sibh a' ghrian neo an robh sibh air ar bogadh leis an t-uisge an-diugh? Tha Sarah a seo le sùil air an aimsir airson toiseach na seachdain.

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Ged a thòisich i gu math nas fhliche do chuid an-diugh, tha na greisean grèine air sgaoileadh bho'n iar-thuath nas fhaide deas airson deireadh a latha agus an t-uisge gluasad air falbh.

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Abair toiseach breagha dhan a latha do mhòran le sìde thioram agus a ghrian air nochdadh. Fàsaidh i car sgòthach nas fhaide deas tron fheasgair marsin gabh an cothrom air a' dhol a-mach anns a ghrèin fhad's a tha i agaibh.

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Uill suarach cho snog 's a bha i an-diugh, ach saoil a bheil piseach air fàire is seachdain ùr eile dìreach timcheall an oisean?

account_circle
BBC Aimsir(@BBCAimsir) 's Twitter Profile Photo

Ged a bha an latha às blàithe dhen a' bhliadhna againn an-dè, 's ann gu math nas fhionnaire a bhios i thar na lathaichean a th' air thoiseach oirnn. Le tuilleadh air a sin, seo Derek.

account_circle